|
|
 |
Fios mu Chlì
Poileasaidhean
Chlì
Poileasaidh Chlì Gàidhlig
mar an dèidh 21.8.04
1 Amasan
'S iad amasan Chlì Gàidhlig:
* ionnsachadh is inbhe nàiseanta na Gàidhlig a bhrosnachadh
* fiosrachadh air Gàidhlig is cùisean Gàidhlig a
sgaoileadh
* beachd luchd ionnsachaidh is fileantaich ùra na Gàidhlig
a chur an cèill
Thèid Clì Gàidhlig a mhìneachadh mar buidheann
cothruim is adhartachaidh na Gàidhlig (11.03)
2 A' Brosnachadh Ionnsachadh is Inbhe Nàiseanta na Gàidhlig
* Thèid Clì Gàidhlig an sàs ann an oidhirpean
air an tòiseachadh leotha fhèin no eile gus ùidh
ann an, agus goireasan airson, ionnsachadh na Gàidhlig a bhrosnachadh,
air feadh Alba agus ann an dùthchannan eile.
* Thèid Clì Gàidhlig an sàs ann an iomairtean
neo-phàrtaidh-phoilitigeach, air an tòiseachadh leotha
fhèin no eile, a chuireas ri foillseachas no taic no coiteachadh
airson na Gàidhlig, mar fhear de chànanan nàiseanta
na h-Alba agus mar chainnt ionadail, ann an Alba is an dùthchannan
eile.
* Tha Clì Gàidhlig a' cumail taic ri làn-sgoiltean
foghlam tro Ghàidhlig, aonadan sgoile foghlam tro Ghàidhlig,
Gàidhlig mar chuspair anns na sgoiltean, agus fios mun Ghàidhlig
anns na sgoiltean (6.02).
* Bidh beagan stuth oideachaidh ann an iris Chlì Gàidhlig.
Bidh teip chlaisneach de theacsaichean Gàidhlig ri cheannachd.
* Thèid amasan Chlì Gàidhlig adhartachadh tro chom-pàirt
tron bhuidhinn ionnsachaidh is leasachadh coimhearsnachd eadar-ùghdarrasail
CL&D Gàidhlig, tron bhuidhinn leasachaidh Comunn na Gàidhlig,
tron chomataidh Albannaich aig Biùro Eòrpach nam Mion Chànan,
tro Chom-pàirteachasan Ionnsachaidh Coimhearsnachd Pheairt is
Cheann Rois agus na Gaidhealtachd, tron chathrannas stòrais Stòrlann,
tro Fhòram Catharra na h-Alba (2.03) agus tro chom-pàirt
ann an comataidhean eile mar a bhios iomchaidh.
* Ann am prionnsabal, cumaidh Clì Gàidhlig taic ri deamothan
a bhiodh a rèir Poileasaidh Chlì Gàidhlig a dh'fhaodadh
a bhith gan cumail le Strì Ostaig agus/no Strì nan Oileanach
(11.02).
* Ann a bhith a' bruidhinn ri Bòrd na Gàidhlig thèid
cuideam a chur air ro-innleachd ionnsachaidh nàiseanta dhan Ghàidhlig,
innleachdan gus Gàidhlig a shanasachd, cùrsa coileanta
Gàidhlig air CD-ROM is eile, agus Clì Gàidhlig mar
chladhan taic-airgid (5.03).
3 A' Sgaoileadh Fiosrachadh air Gàidhlig is Cùisean Gàidhlig
* Thèid fiosrachadh air Gàidhlig is ionnsachadh na Gàidhlig
a thrusadh is a chur còmhla airson cleachdadh an-asgaidh. Thèid
stòran dàta de bhallrachd is de chlubaichean is clasaichean
is cùrsaichean is de luchd oideachaidh a shìor ùrachadh.
* Ann a bhith a' bruidhinn ri Bòrd na Gàidhlig thèid
cuideam a chur air lìonra dhuilleagan ionnsachaidh air an eadar-lìn
an àite nan stòran-dàta (5.03).
* Thèid fiosrachadh air leasachaidhean is tachartasan a tha suathadh
ri amasan Chlì Gàidhlig a ghiùlan le iris Chlì Gàidhlig,
agus thèid àite fiosrachaidh innte a thabhann air buidhnean
aig am bi amasan a tha co-fhreagarrach do dh'amasan Chlì Gàidhlig.
* Cumaidh Clì Gàidhlig suas làrach lìn a
fhreagras air amasan Chlì
Gàidhlig agus aig am bi ceanglaichean ri làraichean iomchaidh
eile. Air an làraich bidh cothrom air-loidhne air stòr
dàta nan club is clas is cùrsa.
* Cumaidh Clì Gàidhlig suas mìosachan eadar-lìn
mar sheirbheis do shaoghal na Gàidhlig (11.02).
4 A' Cur Beachd Luchd Ionnsachaidh is Fileantaich Ùra na Gàidhlig
an Cèill
* Nì Clì Gàidhlig gach oidhirp gus math is beachd
luchd ionnsachaidh is fileantaich ùra na Gàidhlig dhe gach
aois adhartachadh.
* Thèid sgrìobhadh gu Riaghaltas na h-Alba mar as àbhaist
tro mheadhan na Gàidhlig (8.99).
5 Rianachd
* Tha Clì Gàidhlig na bhuidheann bhallrachd a bhios fosgailte
dha na a dh'aontaicheas le amasan Chlì Gàidhlig, ge b'
e dè an eachdraidh a th' aca. Thèid cìs a leagail
airson làn-bhallrachd; aig an àm seo bidh ballrachd chaidreachail
saor is an-asgaidh.
* 'S e am Bòrd Stiùiridh a stèidhicheas poileasaidh
na buidhne, is iad air an taghadh leis a' bhallrachd agus a' dèanamh
co-thaghadh às a' bhallrachd mar a tha iomchaidh.
* Faodaidh co-dhùnadh cabhagach a bhith air a ruigsinn leis a'
Bhòrd tro bhòt air an eadar-lìon (5.03).
* Thèid aithisg bhliadhnail dhà-chànanach fhoillseachadh
leis a' Bhòrd airson sgaoileadh air a' bhallrachd. Thèid
aithisg ràitheil Ghàidhlig a sgrìobhadh leis an
stiùiriche airson sgaoileadh air a' Bhòrd, agus air buidhnean
bhom faighear taic airgid mas e 's gun iarr iad i (1.98).
* Thèid coinneamhan de Bhòrd Chlì Gàidhlig
a chumail mar as àbhaist sa Ghàidhlig ach bidh a' Bheurla
ceadaichte (1.98).
* Thèid coinneamh bhliadhnail Chlì Gàidhlig a chumail
anns a' Ghàidhlig le eadar-theangachadh mar-aon chun na Beurla
(8.99).
* Thèid bailtean puist na h-Alba a chlò-bhualadh sa Ghàidhlig
a-mhàin ann am postachd nam ball, ma tha ainm a' bhaile air teachd à
cànan Ceilteach agus mura iarr am ball dhan chaochladh (2.01).
* Thèid ainmean daoine Gàidhlig a-mhàin a chleachdadh
ma tha iad seo stèidhte no bitheanta (2.01).
* Thèid àrdachadh anns gach tuarastal taobh a-staigh sgèile
aontaichte a h-uile bliadhna mura h-eil am Bòrd a' cur na aghaidh
(2.02).
* Faodar seicichean a bhith air an soighneadh le dithis de Pheadar Morgan,
Eilidh Shaw agus Anna Walker (2.04)
6 Dìon Dàta
* Thèid dàta pearsanta a chumail air làn-bhuill
is buill chaidreachail agus air daoine eile a bhios a' faighinn sheirbheisean
len cead bho Chlì Gàidhlig. Cha tèid dàta
nach eil iomchaidh do dh'obair is do dh'amasan Chlì Gàidhlig
a chumail (5.01).
* Cha tèid stòran dàta Chlì Gàidhlig
a thoirt seachad gun chead bho gach duine annta mum bheil dàta
pearsanta. 'S dòcha ge-tà gun iarrar no gun ceadaichear
le Clì Gàidhlig air an treas pàrtaidh an dàta
a chleachdadh airson adhbharan sònraichte gu math na Gàidhlig
a rèir amasan Chlì Gàidhlig, air chumha 's nach
cleachdar an dàta ach airson nan adhbharan sin agus nach gleidhear
an dàta agus nach toirear e do phàrtaidh eile (5.01).
* Thèid an t-eadar-lìon a chleachdadh gus cuid a sheirbheisean
coitcheann a fhreagras air amasan Chlì Gàidhlig a lìbhrigeadh,
ach faodar innse do Chlì Gàidhlig gun seirbheisean coitcheann
a chur a-mach thuca, neo gun an seòladh dealain aca a ghleidheadh
ann an stòran dàta Chlì Gàidhlig (5.01).
7 Co-ionannachd
* Tha Clì Gàidhlig a' cur roimhe co-ionannachd làimhseachaidh
a thoirt seachad mar solaraiche sheirbheisean agus mar fhastaiche. (8.03)
* Tha Clì Gàidhlig a' cur roimhe co-ionannachd chothroman
a thoirt seachad le bhith a' dèanamh cinnteach nach fhaigh neach
sam bith làimhseachadh nas lugha cothromach nuair a dh'iarras
iad ballrachd no fhad 's a tha iad ag obair aig Clì Gàidhlig
no a' frithealadh tachartas Chlì Gàidhlig air sgàth
gnè, cinnidh, cultair, ceàrn còmhnaidh, ciorraim,
aoise, clas, inbhe pòsaidh, beachdan creideimh no poileataigeach,
càil feise, gnìomhachd aonaidh ciùird no air sgàth
nì
sam bith eile anns nach b' urrainnear lethbhreith a bhith air a fìreanachadh
gu reusanta. (8.03)
* Bidh uallach pearsanta air a h-uile neach obrach aig Clì
Gàidhlig, làn-ùine no pàirt-ùine,
a chruthachadh agus a chumail suas faireachdainn gu bheil suim ga toirt
do mhòralachd a h-uile neach air
àrainn oifisean is tachartasan Chlì Gàidhlig, agus bidh
iad cunntachail gu pearsanta airson an dol a-mach. (8.03)
* Chan fhuiling Clì Gàidhlig gnìomhan lethbhreitheach
is sàrachail le neach sam bith air àrainn oifisean is tachartasan
Chlì Gàidhlig, ged nach tèid an dèanamh a
dh'aona ghnothaich. (8.03)
* Feuchar ri barailean, ìomhaighean is cànan a tha a' dèanamh
lethbhreith a thaobh gnè no cinnidh ann an stuth sam bith a thèid
fhoillseachadh le Clì Gàidhlig, mura h-eil iad gan lìbhrigeadh
gu soilleir agus gu h-iomchaidh mar eisimpleirean de lethbhreith. (8.03)
* Tha Clì Gàidhlig ag amas air lethbhreith a sheachnadh
ann an cleachdaidhean obrach le bhith a' leigeil fhaicinn dhan luchd
obrach dè
an t-uallach a tha orra fon phoileasaidh seo. (8.03)
* Thèid iomradh a thoirt air a' phoileasaidh seo air a h-uile
sanas fastaidh. Thèid slatan-tomhais cothromach a tha a' buntainn
ris an obair a chleachdadh ann a bhith a' fastadh luchd obrach. (8.03)
|