Clì Gàidhlig - Ùlpan

guth luchd-ionnsachaidh

buidheann cothruim is adhartachaidh na gàidhlig

 
Fàilte gu Clì Gàidhlig
Cli dachaigh
Fios mu Chlì
Bùth
Cùrsaichean Chlì
Cothrom
Rèidio Clì
Naidheachdan
LearnGaelic.info
Fios gu Ùlpan


Ùlpan dachaigh

Dòigh ùr air Gàidhlig ionnsachadh

Tha am pròiseact Ùlpan air tòiseachadh a-nis!

Le taic airgid bho Bhòrd na Gàidhlig agus bho Iomairt na Gàidhealtachd, thèid ìre a h-aon dhen dòigh ùir seo air Gàidhlig a theagasg a thoirt do dh’Alba.

Bheir seo brosnachadh do na mìltean de luchd-ionnsachaidh a bhios a’ strì ri fileantas a ruigsinn.

Luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig

Bhon duilleig seo, ’s urrainn dhuibh faighinn a-mach cò ris a tha an dòigh-teagaisg Ùlpan coltach; an naidheachd as ùire air a’ phròiseact a leughadh; bhideos de chlasaichean Ùlpan fhaicinn agus beachdan oileanach air a’ chùrsa ùr a chluintinn.

Fileantaich

’S urrainn do dh’oidean na Gàidhlig, is an fheadhainn eile a tha ag iarraidh Gàidhlig a theagasg, fhaighinn a-mach ciamar as urrainn dhuibh trèanadh mar oidean Ùlpan.

Ulpan@cli.org.uk