![]() |
Clì Gàidhlig - Ùlpan |
guth luchd-ionnsachaidh |
|||||||||||||||
buidheann cothruim is adhartachaidh na gàidhlig |
|||||||||||||||||
|
|
||||||||||||||||
|
||||||||||||
Tuilleadh fiosrachaidh air Ùlpan
San dùthaich sin tha Wlpan, mar a chanas iad, air a bhith air leth cudromach ann a bhith a’ tarraing luchd-ionnsachaidh inbheach do Chuimris, agus tha seo air a chur ris na h-àireamhan de chloinn a tha a’ fàs fileanta ann am foghlam tro mheadhan na Cuimris. Chaidh Wlpan a dhèanamh freagarrach ri Cuimris bho shiostam a thòisich ann an Iosrail gus in-imrich bhon t-saoghal air fad a thoirt gu fileantas ann an cànan coitcheann na dùthcha, Eabra. Tha Clì Gàidhlig ag obair còmhla ri companaidh ann an Glaschu, Deiseal Ltd., gus Ùlpan, a thoirt do dh’Alba. Chaidh Deiseal a stèidheachadh aig Dàibhidh Grannd agus aig Guto Rhys ann an 2005 gus an dòigh Chuimris a dhèanamh freagarrach ri Gàidhlig. Mar thidsear àrdsgoil, rannsaiche foghlaim agus cànanaiche, tha deagh eòlas aig Guto air Cuimris a theagasg tro Wlpan. Bidh tòrr luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig eòlach air Dàibhidh bho na cùrsaichean còmhraidh a bheir e seachad às leth Clì, agus aig Sabhal Mòr Ostaig. Le taic airgid bho Bhòrd na Gàidhlig agus Iomairt na Gaidhealtachd, thòisich am pròiseact ann an da-rìribh san Dùbhlachd 2006 an dèidh ochd mìosan deug de dh’ullachadh. Cò bhuannaicheas bho Ùlpan? Duine sam bith a tha airson Gàidhlig ionnsachadh gu dòigheil agus le brosnachadh m.e.
A bharrachd, bidh ùidh aig oidean a bhios a’ tabhann chlasaichean ann an suidheachaidhean eadar-dhealaichte, agus aig fileantaich - fiu ’s an fheadhainn nach do bheachdaich orra fhèin a bhith ri teagasg a-chaoidh – a gheibh rathad a-steach do chosnadh agus do bhrosnachadh dìreach a’ cànain. Dè nì Ùlpan do Gàidhlig?
Dè nì Ùlpan airson luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig?
Ciamar a tha Ùlpan eadar-dhealaichte bho chùrsaichean Gàidhlig eile? Leis an t-siostam Ùlpan gheibh an t-oileanach taic ri Gàidhliga chur gu feum,ag ionnsachadh tro èisteachd is tro labhairt. ’S ann mu dheidhinn na Gàidhlig a bhios a’ mhòr-chuid de shiostaman eile ag amas, le dòigh-obrach sgrìobhte agus nas sgoilearaiche, stèidhichte air gràmar. Le dòighean-teagaisg traidiseanta ruigidh a’ mhòr-chuid de luchd-ionnsachaidh liut, mu dheireadh thall, ann an leughadh is ann an sgrìobhadh, seach a’ chiad mhiann aca - a bhith ga labhairt is ga tuigsinn. Leis an dòigh Ùlpan, ’s e labhairt is tuigsinn na rudan as cudromaiche agus bidh leughadh is sgrìobhadh air an cleachdadh gus an comas labhairt a dhaingneachadh. An lùib Ùlpan gheibhear oide stuthan-teagaisg iomlan agus cùrsa cuimseach aig a bheil structair adhartach. Faodaidh oileanaich, a tha air tòiseachadh mar-thà, imrich dha chlasaichean ann an sgìre eile agus an aon chùrsa a leantainn. No, ma thogras iad, dh’ fhaodadh clas cùrsa bogaidh a stèidheachadh bho àm gu àm gus crìoch a chur air barrachd aonadan ann an ùine nas giorra. Cuideachd cha bhi Ùlpan ga thoirt seachad ach aig oidean a fhuair trèanadh agus teisteanasan a bhios aithnichte aig ìre eadar-nàiseanta. Le Ùlpan, airson a’ chiad triop, bidh slat-tomhais ri fhaighinn gus adhartas nan oileanach a thomhas. ’S e buannachd mhòr a tha seo do dh’oidean is do dh’oileanaich le chèile. Tha an easbhaidh seo air a bhith na cnap-starra mhòr air teagasg a’ chànain gu ruige seo. Cha bhi a-chaoidh aig tidsearan dèiligeadh ri clas “eadar-mheadhanach” le raon farsaing de sgilean. Cò ris a tha clasaichean Ùlpan coltach? Tha na clasaichean dèante gus comas a thoirt do dh’oileanaich sgilean ùra a bhuannachadh agus an cleachdadh gu dèanadach. Bidh iad a’ cluinntinn agus ag ath-aithris abairtean goirid stèidhichte air puingean cànain sònraichte agus an uair sin gan cleachdadh ann an gnìomhan mar gheamaichean. Tha còmhradh sgrìobhte goirid anns gach ionad mar àirde den t-seisean far an cuir oileanaich na tha iad air ionnsachadh gu feum ann an suidheachadh làitheil. A bharrachd, thèid an clas thairis air stuth a dh’ionnsaich iad ann an clasaichean roimhe. Aig deireadh a’ chlas, tha seisean ann air togail briathrachas a bhios mar bhunait airson nan aonadan a leanas. ’S e Gàidhlig cànan nan clasaichean – ach feumaidh oide cuideachd a bhith math air mìm a dhèanamh aig amannan! Tha clasaichean Ùlpan spòrsail agus buannachdail do luchd-ionnsachaidh agus do dh’oidean le chèile. Chì a-h-uile duine comas agus misneachd nan oileanach a’ sìor-fhàs gu cunbhalach. Dè cho fad’s a bhios cùrsaichean Ùlpan? Bidh barrachd air 200 aonad sa chùrsa uile gu lèir. Bidh aonad fa-leth a’ toirt uair gu leth ri thoirt seachd. Ann an clasaichean coimhearsnachd no san àite-obrach, ’s ann as fhèarr Ùlpan a theagasg ann an dà (no as motha) sheisean sgapte gach seachdain, uair gu leth gach fear. ’S e seo na bhuannachd mhòr an taca ri clasaichean àbhaisteach a thàtar gan lìbhrigeadh uair air an t-seachdain. A-rèir cuin as urrainn do dh’oidean is do dh’oileanaich am frithealadh, gabhaidh 72 earrannan a dhèanamh gach bliadhna. Mar seo, bheir an cùrsa air fad trì bliadhna. ’S e an dòigh as luaithe 24 earrannan gach seachdain ri fhaighinn mar chùrsa bogaidh ann an suidheachadh còmhnaidh. Mar seo, faodar crìoch a chur air a’ chùrsa gu lèir ann an naoi seachdainean. Co-dhiù ’s e susbaint Ùlpan sùbailteachd. Faodar clas oidhche cùrsa deirsheachdaineil a dhèanamh gus gluasad air adhart mar 8 aonadan, no cùrsa fad sia làithean mar 24 earrannan. Sa Chuimrigh, gheibhear tòrr atharrachaidhean dhan chlàran-ama seo. Tha cùrsaichean bho aon gu naoi seachdainean air an tabhann mar sgoiltean samhraidh. Dè chosgas cùrsaichean Ùlpan? Tha e riatanach gu h-ath-bheòthachadh na Gàidhlig gum faigh tòrr luchd-ionnsachaidh cothrom ionnsachadh aig an inbhe as àirde. Mar sin, thèid clasaichean a thabhann aig prìs cho beag ’s a ghabhas. Bidh cosgaisean ag atharrachadh a rèir cò am buidheann a tha a’ tabhann nan cùrsaichean, ach mar ’s trice, bidh cùrsa còig làithean a’ cosg £140-150, gun àite-còmhnaidh – an aon phrìs ri sgoiltean samhraidh. Cosgaidh cùrsa naoi seachdainean (sia uairean gach là, sia làithean gach seachdain) mu £900, gun àite-còmhnaidh. Airson chlasaichean dà thriop gach seachdain, ’s e a’ phrìs mu £266 gach bliadhna (le 72 clasaichean sa bhliadhna, ’s e seo £3.70 gach clas). Tha a’ phrìs seo a’ gabhail a-steach stuth-ionnsachaidh agus leabhraichean a’ chùrsa. Thathar an dùil gum b’ urrainn do dh’ oileanaich cunntas ILA a chleachdadh gus cosgaisean a’ chùrsa a lùghdachadh. Ùlpan sna h-àite-obrach Bho chionn ghoirid, chaidh Plana Nàiseanta na Gàidhlig a chur ri chèile le Bòrd na Gàidhlig agus bheir seo gu buil Achd na Gàidhlig (Alba) 2005. A rèir a’ Phlana, feumaidh grunn bhuidhnean poblach planaichean sònraichte a dhèanamh gus mothachadh poballach agus cleachdadh a’ chànain a mheudachadh. Air tàilleabh seo, bidh feum air buidhnean poblach luchd-obrach fhastadh neo an trèanadh gu ìre àrd sa Ghàidhlig. Tha Ùlpan mar a thèid a theagasg san àite-obrach, na dòigh luath is èifeachdach gus seo a thoirt gu buil. Sa Chuimrigh, bidh tòrr chompanaidhean agus bhuidhnean (m.e. Seanadh na Cuimrigh is Poileas na Cuimrigh a Deas) a’ tabhann chlasaichean Wlpan mar thrèanadh in-seirbheis gus sgilean an luchd-obrach aca àrdachadh. Gu tric thèid clasaichean a chumail aig toiseach neo aig deireadh an latha-obrach, no aig àm lòin, leis an luchd-obrach a’ cur na h-ùine aca fhèin ris cuideachd. Gus fiosrachadh air trèanadh mar oide Ùlpan fhaighinn, briog an seo. |
||||||||||||