Clì Gàidhlig - Ùlpan

guth luchd-ionnsachaidh

buidheann cothruim is adhartachaidh na gàidhlig

 
Fàilte gu Clì Gàidhlig
Cli dachaigh
Fios mu Chlì
Bùth
Cùrsaichean Chlì
Cothrom
Rèidio Clì
Naidheachdan
LearnGaelic.info
Fios gu Ùlpan


Naidheachd as ùire

An naidheachd as ùire air Ùlpan

Bidh Clì Gàidhlig ag obair gu dlùth ri Deiseal Ltd. gus oidean a thrèanadh sna sgilean ùra a dh'fheumas iad son teagasg. Às dèidh dha teisteanas a thoirt a-mach, gheibh oide cùrsa cuimseach iomlan anns am bi gach uile stuth-teagaisg a bhios riatanach dha.

Thèid cùrsaichean-trèanaidh a chumail gach mìos, cho faisg 's a ghabhas air dachaigh an luchd-trèanaidh fhèin.

Ionnsaichear na sgilean bunaiteach air cùrsa dà latha mus tèid an cuir an gnìomh le clas oileanach air cùrsa sia làithean.  Mar as àbhaist bidh cola-deug ann ro chùrsa nan oileanach son ullachadh an stuth-teagaisg.  Bheir na oidean ùra clasaichean seachad no bidh iad a' coimhead orra rè 36 uairean a thìde fo stiùireadh an fhir-trèanaidh.

Tha cùrsaichean-trèanaidh feumach air oileanaich cuideachd - mas toil leibh ur cuid Gàidhlig a leasachadh rè ùine bhig, mus tèid sibh air adhart gu clas dà thuras san t-seachdain, dhèanadh a leithid de chùrsa an gnothach dhuibh.

Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh bho ulpan@cli.org.uk no cuiribh fòn gu CLÌ (01463) 226 710.

Tha cùrsaichean Ùlpan Chlì iomchaidh air tabhartais ILA

Currently the following courses are scheduled:

Ùlpan Trèanadh Oide:

Inbhir Nis  Ògmhios 2008
Da làtha cùrsa practaigeach:13/14.06 an t-Ògmhios (Dihaoine/ Disathairne)
Cùrsa bogaidh:23-28 an t-Ògmhios  (Diluain gu Disathairne)

Dùn  Èideann Lùnastal 2008
Da làtha cùrsa practaigeach:15/16 an Lùnastal (Dihaoine/ Disathairne)
Cùrsa bogaidh: 25-30 an Lùnastal (Diluain gu Disathairne)

Ath-Leathann Lùnastal/Sultain 2008
an t Eilean Sgitheanach
Da làtha cùrsa practaigeach:21/22. an Lùnastal (Diardaoin/Dihaoine)
Cùrsa bogaidh: 22-27 an t-Sultain (Diluain gu Disathairne)

Obar Dheathain Dàmhair 2008
Da làtha cùrsa practaigeach:3/4/an Dàmhair (Dihaoine/ Disathairne)
Cùrsa bogaidh:13-18 an Dàmhair (Diluain gu Disathairne)

Glaschu Dàmhair 2008
Da làtha cùrsa practaigeach: 9/10 an Dàmhair (Diardaoin/Dihaoine)
Cùrsa bogaidh: 22/23/24/25 agus 27/28 an Dàmhair
(Diciadain, gu Disathairne agus Diluain/Dimàirt an ath sheachdain)

An Gearrasdan Dàmhair/ Samhain 2008
Da làtha cùrsa practaigeach: 31.10/01.11 (Dihaoine/ Disathairne)
Cùrsa bogaidh: 10-15 an Samhain (Diluain gu Disathairne)

Dùn Dèagh Samhain 2008
Da làtha cùrsa practaigeach: 6/7 an t Samhain (Diardaoin/Dihaoine)
Cùrsa bogaidh: 24-29 an t-Samhain (Diluain gu Disathairne)

Ulpan Deuchainn Iuchar 2008

Aonaidhean 73 gu 108
14/7-18/7 - Glaschu
21/7-24/7 - Glaschu

Airson tuilleadh fiosrachaidh air a’ phròiseact fhaighinn, briog an seo.

Ulpan@cli.org.uk