![]() |
Clì Gàidhlig - Ùlpan |
guth luchd-ionnsachaidh |
|||||||||||||||
buidheann cothruim is adhartachaidh na gàidhlig |
|||||||||||||||||
|
|
||||||||||||||||
|
||||||||||||
Airson oideanCiamar a fhrithealas Ùlpan luchd-oide na Gàidhlig?
Cò bhios nan oidean Ùlpan?
‘S e rian teagaisg le structair rangach a th’ ann an Ùlpan agus feumaidh oidean sgilean sònraichte ionnsachadh gus a thoirt seachad gu soirbheachail. Ach, ’s ann sa chùrsa fhèin a tha am modh-obrach. Ma thèid a lìbhrigeadh gu ceart, bidh oileanaich ag ionnsachadh as bith den fhiosrachadh theagaisg a th’ aig an oide ro-làimh. Thathar an dùil gum bi raon farsaing de dh’fhileantaich air feadh na dùthcha, ’s miann leotha a bhith a’ cur ri ath-bheòthachadh a’ chànain, ach tha sin a’ fàirtleachadh orra airson dìth eòlais air teagasg agus dìth stuthan teagaisg. Tha e coltach gun ghabh fileantaich òga pàirt cudromach ann a bhith a’ leasachadh lìonradh de chlasaichean Ùlpan, gu h-àiridh nuair a bhios iad an sàs ann an am foghlam aig àrd-ìre, as bith den chùrsa a leanas iad. Le Ùlpan, bidh cothroman cosnaidh ann dhaibh air sgàth ’s gu bheil Gàidhlig aca ma thèid an trèanadh mar oidean Ùlpan os làimh. Thathar an dùil gun toir Clì Gàidhlig cuideachadh is comhairle ann an eagrachadh lìonradh de chlasaichean a chur air bhonn às leth oidean. Tha sinne làn dòchais gun tarraing Ùlpan tòrr de Ghàidheil do theagasg aig aois sam bith, seach gum faighear turastal bho an cuid sgilean sa chànan, agus gun toir seo buaidh mhòr air beachdan fhileantaich a thaobh Gàidhlig mar nì beò cudromach. Dè tha an cùrsa trèanaidh a’ cosg? *£420 / £820 a tha a’ toirt a-steach:
.i. 8 làithean trèanaidh uile gu lèir, na stuthan teagaisg air fad do dh’oidean is do dh’oileanaich agus teisteanas-teagaisg. Thèid caochladh de dhòighean pàighidh a thabhann gus nach bi daoine aig a bheil tuarastal ìseal air an cumail a-mach. * Tha Bòrd na Gàidhlig a cuir taic cho fialaidh le £400 troimhe cosgaisean trèanadh airson na fheadhainn gun urrasachd bho buidheann eile airson trèanadh oidean. Tha sin a’ ciallachadh gu bheil am pris nas isle ann mura bheil urrasachd airson folainteachDè th’ ann an cùrsa trèanaidh? Aig a’ chiad deirsheachdain gheibh na h-oidean fiosrachadh air modh-obrach agus feallsanachd Ùlpan, air na prìomh sgilean agus air na dleastanasan cùmhnantail eadar oide agus Deiseal Earranta. Tron chùrsa bogaidh fad sia làithean, bidh dà chlas gan cumail (seachdnar de dh’ oileanaich ag ionnsachadh Gàidhlig anns gach fear) anns am bi trìuir de dh’oidean. Bidh na h-oidean a’ frithealadh òraidean, bhùthan-obrach no a’ teagasg Gàidhlig a-rèir a’ chlàr-ama. Anns na bùthan-obrach gheibhear trèanadh air gràmar bunaiteach, dualchainntean na Gàidhlig, a’ teagasg fuaimneachadh, sgilean ceannas bhuidhnean, msaa. Cuideachd, bidh cothroman ann airson ionnsachadh bhon chèile san aon triùir. Dè th’ ann am measadh agus teisteanasachd? Tha measadh is teisteanasachd gan rèiteachadh an-dràsta le ughdarrasan Wlpan anns a’ Chuimris. Tron chùrsa sia làithean, bidh gach oidear a’ teagasg ceithir earrannan Ùlpan. Feumaidh iad na prìomh sgilean a leanas a shealltainn:
Bidh liosta slatan-tomhais a’ mheasaidh ri fhaighinn aig gach ìre den trèanadh. Thèid na seiseanan-teagaisg aig gach oide a chlàradh air DVD aig Deiseal. Bidh neach-sgrùdaidh às a Chuimrigh a’ cur an DVD gu feum ann an sgrìobhadh aithisg. Bhon aithisg seo, cruthaichear an agallamh teisteanais, a thachras grunn sheachdainean an dèidh a’ chùrsa. Ma theab cuideigin an inbhe cheart a ruigsinn ach chan eil ach beagan ùine a bharrachd a dhìth air gus teòmachd a dhèanamh, tabhainnear trèanadh a bharrachd dha. Oir tha e air leth cudromach do chliù Ùlpan gun lìbhrigear e daonnan aig ìre teagaisg as àirde. Ma tha ùidh agaibh ann an trèanadh mar oide Ùlpan, nach cuir sibh fios gu Mechthild – 01463 226 710.
|
||||||||||||