![]() |
![]() |
|
|
"Tha sinn air loingeas an nàmhaid a lorg fo smachd an Àrd-mharaiche Kompüter, ach cha d’ fhuair sinn sealladh air fhathast. Tha sinn a’ moladh gur e an dòigh air adhart as fheàrr, dìreach losgadh air thuaiream nan àrainn agus èisteachd ri buaidh nan sligean … ...Tha an luchd-fiosrachaidh againn a’ taisbeanadh gu bheil loingeas an nàmhaid den aon mheud ris an loingeas againn fhìn, agus mar sin is fheudar dhaibh na h-aon innleachdan rinn fhìn a chleachdadh. A rèir nan riaghailtean cogaidh, bithear a’ losgadh aon slige aig an aon àm agus ainmichear anns a’ bhad na soithichean a thèid a chall ... ...A’ dol leis na h-òrdughan agad fhèin tha thu air do chur ann an ùghdarras dìreach air gunnachan a’ chabhlaich. Tagh suidheachadh na targaid le bhith a’ gliogadh anns a’ chliath air do làimh chlì. Tha a’ chliath air do làimh dheis a’ sealltainn suidheachadh an loingeis againn fhìn. Thèid fiosrachadh mu neart an nàmhaid a tha air fhàgail a chur dìreach gun chrann fiosrachaidh ... ...Tha sinn a’ creidsinn nach bi am batal seo seachad gus an tèid aon de na loingeis a chur fodha air fad. Tha na gunnairean againn a’ feitheamh ris na h-òrdughan agaibh. Tha sinn a’ cur ar n-earbsa annaibhse, a Shir..."
Tha sgriobtan Java air an toirt seachad Site design by Iletec Computer Solutions |