Mur Deidhinn
Mu Dheidhinn Gàidhlig
‘S e cànannàiseanta na h-Alba agus Ceilteach a th’ ann an Gàidhlig a tha air a bhith air a’ bhruidhinn o chionn iomadh bliadhna, a dol air ais chun an 6mh linn.
Tha ainmean àite Alba a’ sealltainn cho sgaoilte sa tha luchd labhairt na Gàidhlig agus gu bheil an cànan air feadh Alba.
Ach ged a tha Gàidhlig fhathast a lughdachadh, tha fhathast dòchas ann airson an cànan leis na h-àireamhan de sgoilearan a tha dol tro mheadhan na Gàidhlig agus leis an Achd Gàidhlig ri teachd a tha toirt cuideachadh dhan iomairt Gàidhlig agus chultar a ghleidheadh.
‘S e dualchas luachmhor a tha ann an Gàidhlig a bu chòir Albannaich a bhith moiteil as agus ‘s e cànan beò a tha freagarrach anns a h-uile dòigh san latha an diugh.
Fìrinn agus Figearan
- Tha còrr is 58,652 a’ bruidhinn Gàidhlig ann an Alba (a-rèir cunntas sluaigh 2001)
- Tha còrr is 92,396 duine aig a bheil rud beag comas ann an Gàidhlig (a-rèir cunntas-sluaigh 2001)
- Tha barrachd na 46 millean luchd labhairt na mion-chànanan anns an Roinn Eòrpa.
- Tha còrr is 3,086 sgoilearan air an teagasg tro mheadhan na Ghàidhlig.
- Tha còrr is 3,641 oileanaich a toirt Gàidhlig mar chuspair san Àrd Sgoil.
- Thadhal còrr is 486,987 duine air làrach linn BBC na h-Alba Cailean is Cumberland sa chiad seachdain aige a bhith suas.
- Tha barrachd daoine le comas cànan na Gàidhlig a fuireach anns na h-Eileanan Siar (18,420), A Ghàidhealtachd (18,360), agus Earra Ghàidheil agus Eilean Bhòid (6520), an taca ri sgìrean urraghdas ionadail eile (cunntas sluaigh 2001).
Bho Bòrd na Gàidhlig
Mu Dheidhinn tional
Dè tha ann an Tional?
’S e cruinneachadh tro mheadhan na Gàidhlig a bhios beothail, gun samhail agus a tha freagarrach dhan teaghlach gu lèir a tha ann an Tional agus bi e ann an Ulapul air an 1 agus 2 an t-Sultain 2007.
Ge b’e dè an ire aig a bheil sibh leis a Ghàidhlig, bho neach-tòiseachaidh gu neach-fileanta tha gnìomh ann dhut.
Mu Dheidhinn Clì
Amasan Clì
- Airson àrdachadh ionnsachadh agus inbhe nàiseanta na Gàidhlig
- Airson fiosrachadh a sgaoileadh air Gàidhlig agus cuisean Gàidhlig
- Airson a bhith na guth airson luch-ionnsachaidh na Gàidhlig agus fìor luchd-tòiseachaidh.
... ionnsachadh, fiosrachadh agus guth – seo na h-amasan a tha aig Clì Gàidhlig, buidheann àrdachadh agus cothroman Gàidhlig na h-Alba.
Ma ‘b urrainn dhut Gàidhlig a bruidhinn no nach b’ urrainn, luchd ionnsachadh no luchd taic an cànan; mar am buin thu do dh’Alba no mar nach eil ceangail idir agad ris, ge b’e dè an sgeulachd a tha agad, tha fàilte roimhead aig Clì Gàidhlig.
'S e dòigh tlachdmhor a tha ann an Cothrom, iris dathach Chlì agus làrach linn Clì www.cli.org.uk ri àrdachadh a dhèanamh ann an ionnsachadh, fiosrachadh agus iomairt - ‘s e na 3 amasan as cudromach aig Clì.
Taic Airgead
Faic na ceanglaichean aig bonn na duilleag airson na buidheanan a thug taic do Chlì le Tional.