<%@LANGUAGE="VBSCRIPT" CODEPAGE="1252"%> Tional - A Gaelic Language Gathering - Cruinneachadh Gàidhlig
Tional - A gaelic language gathering
Tional, 5 an Giblean 2008, Bun-sgoil Ghàidhlig, Inbhir Nis

The Legacy of Tional

“Cruinneachadh beothail gun samhail agus freagarrach airson teaghlaich”

“A vibrant Gaelic language gathering where everyone
can take part”

A’ leantainn air soirbheachadh Tional 2007, a bha na phàirt de Bhliadhna Chultarach na Gàidhealtachd 2007, tha sinn air cuimhneachain den tachartas a chlàradh a’ cleachdadh diofar mhodhan.

Èisteachd

An seo, is urrainn dhut èisteachd ri grunn chlàraidhean goirid a chaidh a thogail aig na clasaichean thairis air an deireadh seachdain. Bu mhath leinn taing a thoirt dha Donnchadh Mac’Ille Mhìcheil airson na faidhlichean èisteachd iongantach seo a chur ri chèile. (Tha iad uile ann an riochd mp3).

1 Luchd-tòiseachaidh (1.30mionaid)
Cluinn bho chompàirtichean ann an aon de na clasaichean

2. Dè th’ ann Tional (1.46mionaid)
Tha Clara Hickey an t-Eagraiche a’ mìneachadh dè th’ann an Tional agus carson a tha e freagarrach dhan teaghlach air fad.

3. Craig agus Nicola (8 diogan)
 Earrann ghoirid de chòmhradh sìmplidh anns a’ chlas.

4. Cròileagan (1.51mionaid)
Tha grunn chloinne a’ gabhail pàirt ann an seinn amhrain Ghàidhlig.

5. Daibhidh Grannd (3.01 mionaidean)
Tha Dàibhidh Grannd a’ bruidhinn mu Ulpan agus carson a bu chòir daoine a bhith an sàs ann.

6. Dannsa (1.36 mionaid)
Èist ri cuid den luchd-compàirt ag ionnsachadh mar a nì iad Dannsa Tuathail Albannach!

7. Beachd na cloinne air Tional (2.30 mionaid)
Seumas a’ bruidhinn air Gàidhlig agus na tha e a’ smaoineachadh mun tachartas.

8. Iain agus Megan (14 diogan)
 Earrann ghoirid de chòmhradh sìmplidh sa chlas.

9. Òraid Nàdair (56 diog)
Cluinn earrann bhon bhùth-obrach nàdair mun aibideil Gàidhlig.

10. Ruairidh MacGill’Eathain (2.28 mionaid)
Tha Ruairidh a’ deasbad air na diofar dhòighean a dh’fhaodas daoine Gàidhlig ionnsachadh.

11. Seinn (1.42 mionaid)
Tha compàirtichean ag ionnsachadh amhran Gàidhlig bho Ghillebrìde Mac’illeMhaoil.

12. Ulpan Luchd-ionnsachaidh (1.57 mionaid)
Earrann ghoirid bhon leasan tòiseachaidh aig Ulpan – èist ri cho luath agus a tha iad a’ togail a’ chànain.

Photographs

Seall tro na diofar dheilbh agus fairich mar a chaidh an tachartas. Chaidh na deilbh a thogail le Greum Dunbar.

Seallaidhean bhon chuairt threòraichte mu chuairt Ulapul.


Taigh-còmhnaidh beag ann an Ulapul

Gleoc cuimhneachaidh Fowler, Ulapul

Togalaichean giullachd èisg

Ulapul

Ulapul

Loch Bhraoin, Ulapul

Na Clasaichean


Clas Ghàidhlig

Clas Ghàidhlig

Bùth-obrach Seinn

Clas Ulpan

Ionad MhicPhàil, Ulapul

Bhideo

Chaidh na clàraidhean seo a thoirt gu buil le Ceit Dunbar. Tha sinn a’ toirt taing dha Ceit agus Greum airson a’ chuideachaidh a thug iad seachad le clàradh tachartas Tional.

1. Seinn – clas seinn
Faic cuid den chlas a’ feuchainn air amhran Gàidhlig ionnsachadh.

2. Clas Ghàidhlig
Earrannan bhon chlas eadar-mheadhanach. Earrann a h-aon, earrann a dhà.

3. Ulpan a’ dol
Faic mar a tha luchd-ionnsachaidh ùr a’ chànain a’ tòiseachadh a’ bruidhinn Gàidhlig.