Prògram Gnìomhachais
Seanchas Gàidhlig agus Cuairt
| A’ mairsinn: |
m. no f. : 2.5 uair a thìde |
| Ri Faighinn air: |
Disathairne |
| Cosgais: |
£5 |
Fiosrachadh:
Ma tha ùidh agad ann an eachdraidh agus dualchas Inbhir Nis no anns a’ Ghàidhealtachd san fharsaingeachd, bidh a’ chuairt seo freagarrach dhut!
- An cuala tu an sgeul mu Aonghas Mòr agus Sìthichean Tom na h-Iubhraich?
- Dè mu dheidhinn Gort a’ Bhainne nuair nach robh bainne aig clann Inbhir Nis a dh’òladh iad?
- A bheil fios agad mar a dh’fhuadaich an Naomh Calum Cille Broichean an Draoidh nuair a bha e ann an Inbhir Nis?
- Dè tha Tom na h-Iubhraich a’ ciallachadh?
- Agus dè dìreach a bh’ ann an Clachnahagaig – fhathast na comharra air iasgach sa bhaile?
Chan eil an sin ach còig seallaidhean den dualchas shaidhbhir Ghàidhlig ann am prìomh bhaile na Gàidhealtachd a bhios an craoladair agus an sgrìobhadair, Ruairidh MacGill’Eathain, a’ cur an làthair air cuairt shocair san Fhaoilleach. Ma tha ùidh agad ann an eachdraidh agus dualchas Inbhir Nis no sa Ghàidhealtachd air fad, còrdaidh a’ chuairt seo riut!
Bidh Ruairidh a’ treòrachadh luchd-compàirt bho phàirce chàraichean nan raointean rugbaidh faisg air a’ chlais-uisge, seachad air an ionad spòrs agus sìos chun na h-aibhne, air adhart sìos pàirt de staran-slaodaidh na clais-uisge gu làrach Chlachnahagaig agus air ais gu Tom na h-Iubhraich, a’ coiseachd timcheall a’ chnuic chun a’ mhullaich.
An uair sin bho Thom na h-Iubhraich air ais gu pàirce nan càraichean. Chan eilear a’ dol tarsainn ach aon phrìomh rathad. Fad na slighe bidh e a’ bruidhinn air dualchas Gàidhlig Inbhir Nis tro ainmean àiteachan, sgeulachdan à beul-aithris agus iomradh air daoine eachdraidheil. Dh’fhaodadh a’chuairt a bhith seachad ann an uair a thìde ach tha Ruairidh a’ dùileachadh gum mair i dà uair a thìde, a’ gabhail a-steach na sgeulachdan.
Tha seo freagarrach dha aois sam bith ach thoiribh an aire nach eil e ceadaichte dha coin a bhith an taobh a-staigh Cladh Thom na h-Iubhraich. Bu chòir dha compàirtichean pailteas aodaich a chur orra ma bhios an latha fuar, agus bu chòir brògan làidir a chleachdadh a chionn `s gum bi iad a’ coiseachd astar goirid air feur aig oir nan raointean rugbaidh.
Dh’fhaodadh neach sam bith aig a bheil pàiste ann an carbad-leanaibh am pìos seo fhàgail às, agus coiseachd sìos an staran a tha an cois na clais-uisge an coinneamh a’ chòrr den bhuidheann. Tha a’ chuairt suas Tom na h-Iubhraich freagarrach gu leòr dha carbad-leanaibh oir bidh am buidheann a’ coiseachd air rathad nan càraichean a tha ag èirigh beag air bheag gun a bhith ro chas. Is dòcha gum faodadh cathair-cuibhle a chleachdadh cuideachd sa phàirt seo den chuairt.
Book this course: