<%@LANGUAGE="VBSCRIPT" CODEPAGE="1252"%> Tional - A Gaelic Language Gathering - Cruinneachadh Gàidhlig
Tional - A gaelic language gathering

Prògram Gnìomhachais

Ùlpan

A’ mairsinn: Latha slàn
Ri Faighinn air: Disathairne
Cosgais: Course full

an Ulpan class in actionFiosrachadh:

Thèid agad ri faicinn ciamar a bidh a’ bhùth-obrach seo a’ còmhdach 2 sheisean bho structar cùrsa Ulpan agus bheir e cothrom dhut beagan Gàidhlig shìmplidh a bhruidhinn glè luath.

‘S e dòigh luath agus èifeachdach a tha ann an Ùlpan cànan ionnsachadh.  Tha e air a bhith gu math èifeachdach anns a Chuimrigh, far an deach mìltean de dh’inbhich a thoirt a-nuas gu luchd fileanta anns a Chuimris.

Tha Bòrd na Gàidhlig agus Iomairt na Gàidhealtachd air taic airgead a thoirt dhuinn airson a chiad cheum den phlana, airson an dòigh ùr toirt a-staigh airson Gàidhlig a theagasg ri Alba agus airson misneach a thoirt gu luchd-ionnsachaidh aig a bheil trioblaid leis a chànan.

Thèid tòrr luchd ionnsachaidh na Gàidhlig air an cànan leughadh agus sgrìobhadh nas fheàrr na thèid aca còmhradh a chumail.  Le Ùlpan, tha an còmhradh a tighinn an toiseach, agus an leughadh san sgrìobhadh a tighinn as dèidh.
Tha oileanaich ag ionnsachadh le bhith ag ath-aithris structairean cudromach agus tro gnìomhan cànan le cudthrom air cleachdadh an cànan, seach a bhith a cuir an cudthrom air gràmar.

Math tha clann ann fo 16 airson an clas a ghabhail feumaidh pàrant a bhith còmhla riutha.